Bristow a' faighinn cùmhnant SARS son a' chinn a tuath
- Air fhoillseachadh

Bidh heileacoptair stèidhichte ann a Steòrnabhagh is Sumburgh
Dhearbh Roinn na Còmhdhail gun deach an cùmhnant son a bhith a' làimhseachadh heileacoptairean nam maor-cladaich 'sa cheann a tuath, a thoirt dhan chompanaidh Bristow Helicopters Ltd.
Tòisichidh an cùmhnant aca anns an Iuchair an ath-bhliadhna, a' cleachdadh heileacoptairean Sikorsky S-92 a bhitheas stèidhichte ann an Steòrnabhagh agus Sumburgh mar a tha iad an-dràsta.
Tha dùil gum mair an cùmhnant ceithir bliadhna agus thèid beachdachadh air dè thachras dhan t-seirbheis san ùine fhada.
Cliù
Thuirt Stìuriche Bristow, Mike Imlach, gu bheil iad toilichte gum bi iad ag obair le na maoir-chladaich airson seirbheis chudromach a thoirt seachad dha eileanan na h-Alba.
"Tha cliù aig Bristow son obair theasargain. Bheir sinn an eirmiseachd sin dhan chùmhnant, agus sinne air a bhith an-sàs ann an còrr is 11,500 turas èiginn. A bharrachd air a seo, tha sinn a' lìbhrigeadh seirbheis teasarginn ann an Nirbhidh, An Òlaind agus Trinidad", thuirt e.
Seo an dàrna turas a chaidh tagraidhean a-mach airson a' chùmhnant.
B'fhèudar a' chiad fhear a chur dhan dàrna taobh air sgàth's amharas gun d'fhuair a' bhuidheann Soteria a bha a' cur a-steach son an t-seirbheis a ruith, fiosrachadh coimeirsealta a bha còir a bhith dìomhair.