'Obair-bhrathaidh' nam meadhanan sòisealta
- Air fhoillseachadh
Tha Comhairle Earra Ghàidheal is Bhòid air neach a chur far an obrach rè ùine.
Tha seo a' tighinn an lùib rannsachaidh air 'obair-bhrathaidh nam meadhanan sòisealta'.
Thathar a' tuigsinn gu bheil ceannard conaltraidh na comhairle, Jo Nic a' Ghobhainn aig meadhan na connspaid.
Mhìnich ise do cho-labhairt ann an Glaschu gun robh i air cunntaisean fuadain a chruthachadh son sùil a chumail air daoine a bha a' càineadh an ùghdarrais.
Cunntasan brathaidh
Tha grunn dhaoine air càineadh a dhèanamh air Comhairle Earra Ghàidheal is Bhòid air làraich-lìn stèidhichte san sgìre.
Bha ceannard conaltaidh na Comhairle cheanna air innse do cho-labhairt ann an Glaschu gun robh i air 'cunntasan brathaidh' a chruthachadh.
Thuirt i gun d'rinn i seo airson sùil a chumail gun fhiosta air buidhnean a bha ag obair an aghaidh na comhairle.
Cha chanadh an t-ùghdarras mòran aig an ìre-sa ach gun deach aon neach-obrach a chur às an dreuchd rè ùine.
Dhearbh iad cuideachd gu bheil iad air rannsachadh a chur air dòigh agus nach ceadachadh iad gu bràth obair dhìomhair an lùib nam meadhanan sòisealta,
Tha tè de na làraich as motha a bhios a' dèanamh càinidh air a' chomhairle, 'For Argyll, taobh a-muigh', ag ràdh gum bu chòir dhaibh an neach seo a chur às an dreuchd uile gu lèir.
Tha luchd-deasachaidh na làraich cuideachd ag iarraidh air a' chomhairle a dhèanamh soilleir an deach cead a thoirt seachad na cunntasan seo a chruthachadh.