Beachd Rangers son luchd-rianachd
Tha Rangers air leigeil fhaicinn gu bheil iad am beachd luchd-rianachd a ghairm.
Chuir iad pàipearan an sàs aig Cùirt an t-Seisein an Dùn Èidean, 's iad ag ràdh gu bheil iad am beachd luchd-rianachd a thoirt a-steach.
Feumaidh iad leigeil fhaicinn a-nis an 9 là obrach, co-dhiù thèid am fastadh.
Tha seo a' tighinn 's an sgioba a' feitheamh fios bho thribunal cìse air faisg air £50m.