Rangers ann an làmhan luchd-rianachd
Tha Rangers air a dhol ann an làmhan an luchd-rianachd.
Ghluais iad air a' chùis feasgar às dèidh do Roinn na Cusbain 's na Cìse iarraidh air Cùirt an t-Seisein an Dùn Èidean luchd-rianachd a chur an sàs aig an sgioba sa bhad.
Bha Rangers airson co-dhùnadh a dhèanamh taobh a-staigh 10 là.
Fhuair iad cead bhon Chùirt an luchd-rianachd aca fhèin a chur an sàs, agus 's e a' bhuidheann Duff & Phelps a bhios a' ruith na sgioba a-nis.