Brosnachadh Bhradan ann an Uisge Lòchaidh
- Air fhoillseachadh

Bidh mu mhillean iasg a bharrachd a' mealgachadh san abhainn gach bliadhna fon sgeama
Tha pròiseact a tha ag amas air togail a thoirt do dh'àireamhan a' bhradain ann an Uisge Lòchaidh air soirbheachadh.
Thòisich am pròiseact o chionn trì bliadhna, le bhith a' leigeil smalagan ma sgaoil, às dèidh dhaibh a bhith air an àrach ann an Loch Arcaig.
Tha Comann Uisge Lòchaidh ag obair còmhla ri Marine Harvest Scotland Eta. airson barrachd bhradan a chur dhan abhainn.
Falbhaidh na smalagan chun na mara gu dìreach, a' tilleadh an ceann bliadhna no dhà gus mealgachadh.
1,000,000 Bradan
Tha na smalagan air an toirt bho bhradain a tha dùthchasach don abhainn, agus tha eag sa ghaine orra mar chomharra gur ann mar phàirt den phròiseact a tha iad.
Leis gur iad smalagan a th' annta, cha tèid iad ann am farpais ris na th' ann de dh'iasg a thogadh anns an abhainn airson bìdh.
Thuige seo tha mu 18,000 smalag air an saoradh chun na h-aibhne gach bliadhna, ach tha dùil gun tèid leudachadh air sin ri linn 's cho soirbheachail 's a tha am pròiseact air a bhith.
Tha rannsachadh a rinn Comann Uisge Lòchaidh a' sealltainn gun do dh'èirich na chaidh a chur de mhealg san abhainn cha mhòr millean gach bliadhna tron sgeama-deuchainn.
A thuilleadh air sin tha 400 a bharrachd de dh'èisg mhealgachaidh air tilleadh chun na h-aibhne gach bliadhna, agus tha na chaidh a ghlacadh air èirigh 10%, le cuid de na bradain a chaidh a ghlacadh ann an 2011 air chuideam 20lb.