Leisgeul ga iarraidh mu sheirbheis slàinte
- Air fhoillseachadh

Tha nurs air a bhith stèidhichte san sgìre o chionn còrr is 100 bliadhna.
Dh'iarr Rùnaire na Slàinte agus ceannard Seirbheis Charbad-Eiridinn na h-Alba air muinntir taobh siar Àird nam Murchan an leisgeul a ghabhail, ri linn 's gun deach am fàgail gun seirbheis mheidigich èiginnich 24 uairean san là.
Thàinig an t-seirbheis sin gu crìch Didòmhnaich nuair a leig nurs na sgìre dhith a dreuchd.
Choinnich riochdairean bhon choimhearsnachd ri Nicola Sturgeon ann an Dùn Èideann Diciadain.
Tha nurs air a bhith stèidhichte sa choimhearsnachd ann an Àird nam Murchan o chionn còrr is 100 bliadhna.
Às dèidh don nurs a bh' ann a dreuchd a leigeil dhith Às dèidh 36 bliadhna san obair, thuirt NHS na Gàidhealtachd nach robh iad am beachd nurs eile a chur na h-àite.
Bha iad a' moladh gun gabhadh nurs eile an sgìre os làimh, a thuilleadh air an sgìre aice fhèin.
Tha an carbad-eiridinn as fhaisge air làimh còrr is 40 mìle air falbh.
"Dh'fhaodadh cuideigin bàsachadh. Tha e aig ìre cho dona ri sin," thuirt Catrìona Fisher, a bhuinneas don sgìre.
"Chan eil sinn ag iarraidh mòran dha-rìribh, ach gum bi cuideigin - dotair, banaltraim, neach-eiridinn - an làthair ann an ùine nas giorra na uair de thìde ma dh'fhàsas cuideigin tinn.
"Sin e. Chan e rud annasach no sònraichte a tha sin nam bheachd-sa.
"'S dòcha nach eil daoine a tha a' fuireach ann an àiteachan eile a' tuigsinn dè cho iomallach 's a tha sinne ann an Àird nam Murchan," thuirt i.