Casg-rèic na h-adaige ga thogail
- Air fhoillseachadh

Thèid an casg a thogail sa bhad, airson sia mìosan
Tha Coimiseanair Iasgaich an Aonaidh Eòrpaich air iarraidh gun tèid cur às do chasg-reic na h-adaige ann an Alba airson sia mìosan.
Fon chasg, a chaidh a chur ann an àite airson stoc an èisg a dhìon, dh'fheumadh iasgairean a' chosta an iar adag a chur air ais don mhuir, ged a bhiodh i marbh.
Thèid an casg a thogail sa bhad, agus thuirt an Coimiseanair, Maria Damanaki, gun robh suidheachadh na h-adaige, a bha uair gu math truagh, air atharrachadh gu tur anns na trì bliadhna mu dheireadh.
Bha na riaghailtean a' fàgail gum feumadh iasgairean iasg a chur air ais don mhuir ged nach robh iad air an cuòta aca a ruighinn.
Chan fhaodadh ach tomhais de dh'adaig a bhith mar phàirt de na ghlacadh bàta gu lèir.