Airgead rathad an t-Sròim
- Air fhoillseachadh

Tha aiseag air a bhith a' frithealadh na slighe bho mheadhan an Fhaoillich
Cha tug Ministear na Còmhdhail, Cè Mac Ille Dhuinn, gealltanas sam bith seachad gun cuireadh Riaghaltas na h-Alba airgead ri fuasgladh maireannach fhaighinn do shuidheachadh seach-rathad an t-Sròim.
Tha an rathad air a bhith dùinte son barrachd na dà mhios as dèidh maoim-slèibhe beagan làithean ron Nollaig.
Thòisich aiseag chàraichean a' frithealadh na slighe air an 16mh den Fhaoilleach.
Bha an aiseag dheth fad grunn làithean an t-seachdainn a chaidh, as dèidh dhith bualadh anns a' chidhe.
Bhris i a-rithist madainn Dimàirt as dèidh dhith tilleadh chun na seirbheis.
"Dleasdanas na Comhairle"
Bha Ministear na Còmhdhail, Cè Mac Ille Dhuinn anns an sgìre Dimàirt gus sùil a thoirt air an t-suidheachadh - ach cha robh e airson gealltanas a thoirt seachad mun taic a bheireadh an Riaghaltas do Chomhairle na Gàidhealtachd.
Thuirt e gur ann an urra ri Comhairle na Gàidhealtachd a bha e an rathad a leasachadh agus a chumail fosgailte.
Thuirt e, ged a tha e a' tuigsinn gu bheil gainnead airgid air a' Chomhairle, gun deach gearradh cuideachd air an ionmhas a th' aig Riaghaltas na h-Alba.
Tha comhairliche na sgìre Audrey Nic na Ceardaich ag ràdh gu bheil a' Chomhairle dòchasach cead fhaighinn bho Network Rail a leigeadh leotha an loidhne rèile a chleachdadh mar rathad.
Tha dùil ri fios mun aonta sin, thuirt i, an t-seachdainn-sa fhèin.