Sgìrean toirmisgte mu chlàr-gas sa Chuan a Tuath
- Air fhoillseachadh

Chan eil fhios fhathast cò às a tha an gas ag aodion
Chaidh sgìrean toirmisgte a chur an sàs timcheall air clàr-gas sa chuan a tuath a th' air a bhith ag aodion gas gu dona bho Dhidòmhnaich.
Tha na Maoir-chladaich air innse do luingeas cumail co-dhiù dà mhìle air falbh bho Chlàr Eilginn, agus feumaidh itealain cumail trì mìle air falbh.
Tha sgoth de ghas a' cuairteachadh a' chlàir a tha mu 150 mìle an ear air Obar Dheathain, agus a th' air a ruith leis a' chompanaidh Total.
Chaidh an luchd-obrach a thoirt far a' chlàir Diluain, agus thugadh 85 de luchd-obrach nach eil deatamach far an dàrna clàir agus aonad-tollaidh a tha faisg air làimh.
Iomairt shàbhailteachd
'S iad sin Clàr Shearwater, agus aonad-tollaidh Hans Deul, a tha le Shell, agus a tha stèidhichte mu cheithir mìle air falbh.
Thuirt Shell gur e "iomairt shàbhailteachd" a bh' ann.
Thuirt Total gun robh an suidheachadh seasmhach, ach nach deach aca fhathast air aithneachadh cò às a tha an gas ag aodion.
Tha sgleò anns a bheil eadar dhà agus 23 tunna de ghas sùmhlach (gas condensate), sia mìle mara de dh'fhaid, na laighe air an uisge san sgìre.
Tha Total air Plana Èiginneach Truailleadh Ola a chur an gnìomh.