Duine marbh às dèidh tubaist
- Air fhoillseachadh

Bidh an A86 dùinte aig làrach na tubaist son ùine Diciadain.
Chaidh duine air motor-baidhsagal a mharbhadh ann an tubaist rathaid ann an Loch Abar, coig mìle an ear air Drochaid Ruaidh.
Chaidh na seirbheisein-eiginn a ghairm gu làrach na tubaist mu 18:30 oidhche Mhàirt.
Thathas a' tuigsinn gun robh am motor-baidhsagal air bualadh ann am bhan.
Chaidh an duine a bha air a' mhotor-baidhsagal a thoirt gu Ospadal a' Bhelford sa Ghearasdan, ach tha e coltach gun robh e marbh nuair a ràining e an ospadal.
Bha an duine 42 agus 'b ann à Yorkshire a bha e.
Bha an A86 dùinte gach slighe son ùine madainn Diciadain.
Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh