Rabhadh mu fhèidh air na rathaidean
- Air fhoillseachadh

Faodaidh fèidh a bhith nan cunnart mòr air na rathaidean
Tha Dualchas Nàdair na h-Alba a' toirt rabhaidh do dhràibhearan a bhith mothachail gum faod fèidh a bhith nan cunnart air na rathaidean.
Tha iad ag ràdh gu bheil barrachd fhiadh air na rathaidean anns a' Chèitean 's an fheadhainn òg a' dol a-mach leotha fhèin airson a' chiad uair.
Thèid soidhnichean rabhaidh a chur air cuid de phrìomh-rathaidean na h-Alba bho Dhiluain an 14mh dhen Chèitean, ann an sgìrean far am faod fèidh a bhith nan trioblaid.
Bidh na soidhnichean seo rim faicinn ann an àitean faisg air Glaschu, Dùn Èideann, Peart agus Obar Dheathain a thuilleadh air Inbhir Nis.
Tubaistean
Bidh mu 7,000 tubaist-rathaid ann an Alba gach bliadhna anns a bheil fèidh an sàs, agus cosgais de mu £5m nan lùib.
Thuirt Oifigear nam Fiadh aig SNH, Jamie Hammond, gu bheil tubaistean le fèidh air fàs tòrr nas bitheanta faisg air na bailtean mòra, ach mhol e do dhràibhearan a bhith gu math faiceallach ma tha iad a' dol seachad air coille neo àite sam bith eile far a bheil na beathaichean buailteach a bhith.
Dh'iarr e air duine a bhualas ann am fiadh fios a chur air na poilis gun fhios nach deach am beathach a ghoirteachadh.