Duine a bhàsaich ann an tubaist-rathaid ga ainmeachadh

  • Air fhoillseachadh

Dh'ainmich na polais fireannach òg a chaidh a mharbhadh ann an tubaist-rathaid faisg air Drochaid Charra tràth madainn Dhisathairne.

B' e Anndra MacDhòmhnaill às an Eilean Dubh.

Cha robh ach an aon chàr an lùib na tubaist a thachair air a' Bh9153, mu leth-mhìle deas air Drochaid Charra.

Bha an rathad dùinte fad grunn uairean a thìde às dèidh na tubaist.

Tha Polais a' Chinn a Tuath ag iarraidh bruidhinn ri duine sam bith a chunnaic an tubaist.