Gealltanas mu Ionad Slàinte Inbhir Pheofharain
- Air fhoillseachadh

Thàinig an obair gu crìch gu h-obann ri linn trioblaidean ionmhais.
Gheall NHS na Gàidhealtachd gun tèid crìoch a chur air obair-leasachaidh air Ionad Slàinte Inbhir Pheofharain taobh a-staigh bliadhna.
Chuir trioblaidean ionmhais stad air an obair dà bhliadhna às dèidh dha tòiseachdainn.
Thathas a' feuchainn ris an ionad a thoirt gu ìre, agus faireachdainn ann gu bheil e seann-fhasanta, agus ro bheag airson na h-àireimh de dhaoine a tha a-nis a' cur feum air, agus thathas airson làr ùr a chur ris an togalach.
Choinnich Bòrd NHS na Gàidhealtachd ris a' BhPA Dàibhidh MacThòmais, agus gheall iad dhasan gun deadh an obair a chrìochnachadh an taobh a-staigh bliadhna.
Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh