Òraid Urras Eaglais na h-Aoidh
- Air fhoillseachadh

Tha Urras Eaglais na h-Aoidhe ag amas air an togalach a chàradh. (Dealbh bho Urras Eaglais na h-Aoidhe)
Bidh a' chiad òraid bhliadhnail aig Urras Eaglais na h-Aoidhe, san Rubha ann an Leòdhas, ann Dihaoine.
Chaidh an eaglais a thogail san 14mh linn agus bha i am measg nan eaglaisean a bu chudromaiche anns na h-Eileanan an Iar anns na meadhan aoisean.
Tha cuid de chinn-feadhna Chlann MhicLeòid air an tiodhlaigeadh sa chladh.
Chaidh Urras Eaglais na h-Aoidhe a stèidheachadh ann an 2001 agus iad ag amas air an eaglais a chàradh agus an eachdraidh shònraichte a tha co-cheangaile rithe a thoirt gu aire an t-sluaigh.
Mullach
Fhuaireadh airgead mar-thà gus an togalach a dhèanamh seasmhach agus tha an t-Urras cuideachd airson mullach a chur air air a' cheann thall.
Tha iad an dùil gur e clach-mhìle eile a bhios sa chiad òraid aca.
"Tha sinn ag iarraidh aig an ìre seo innse sgeul agus eachdraidh na h-Eaglaise dhan phoball," thuirt Cathraiche an Urrais, Dòmhnall Crichton.
Thèid an òraid a thoirt seachad le Morair na Ban-rìgh anns h-Eileanan an Iar, Sandy MacMhathain.
Eachdraidh
'S ann air eachdraidh eaglaisean Steòrnabhaigh a bhios Mgr MacMhathain a' bruidhinn.
"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil sin gu math freagarrach o chionn 's gur i Eaglais na h-Aoidhe a' chiad eaglais a chaidh a chur air chois ann an sgìre Loch a Tuath, a' toirt a-steach an Rubha agus Steòrnabhaigh," thuirt Dòmhnall Crichton.
Thèid leabhar mu eachdraidh na h-eaglaise fhoillseachadh cuideachd oidhche Haoine.
'S e iar-chathraiche an Urrais, Calum Scott MacChoinnich, a sgrìobh an leabhar.
Bidh an òraid ann an Sgoil an Rubha oidhche Haoine aig 7:30f.