Ainm às dèidh bàs RockNess
- Air fhoillseachadh

Chaidh am fear òg ann an laigse oidhche Shathairne, agus bhàsaich e san ospadal.
Dh'ainmich na poilis fireannach, 19, a bhàsaich aig fèis-ciùil Rockness aig an deireadh sheachdain.
B'e Alex Herriot, à Portobello air iomall Dhùn Èideann.
Chaidh dithis eile a thoirt dhan ospadal, 's dùil gun gun do ghabh iad Benzo Fury - droga nach eil air a thoirmeasg.
Bhàsaich Alex Herriot ann an Ospadal an Rathaig Mhòir ann an Inbhir Nis - às dèidh dha a dhol ann an laigse aig an fhèis, air bruaichean Loch Nis, oidhche Shathairne.
Thuirt na poilis gu bheil iad a' sgrùdadh a' bhàis s beachd ann gun robh e air drogaichean a ghabhail.
Thèid rannsachadh post mortem a dhèanamh air gus adhbhar a' bhàis a dhearbhadh.
Chaidh cobhair cuideachd a dhèanamh air dithis eile aig an fhèis, boireannach, 19, agus fireannach a tha 20.
Tha dùil gun do ghabh iadsan cuideachd Benzo Fury.
Thuirt an Superintendent Stevie MacAoidh bho Phoilis a' Chinn a Tuath gum bu chòir do dhaoine a bhith mothachail air cho fìor chunnartach 's a dh'fhaodas an droga seo a bhith.