Ath-sgrùdadh air curfew Inbhir Nis
- Air fhoillseachadh

Tha cuid ag ràdh gu bheil an casg a' toirt droch ìomhaigh sheann-fhasanta air a' bhaile.
Dhearbh Bòrd Ceadachd na Gàidhealtachd gun tèid ath-sgrùdadh a dhèanamh air ''curfew'' Inbhir Nis.
Chaidh an riaghailt chonnspaideach a chur an sàs ann an 2003, agus tha e a' casg dhaoine bho bhith a' faighinn a-steach do thaighean-seinnse agus clubaichean-oidhche sa bhaile às dèidh meadhan oidhche.
Tha gearainnean ann gu bheil e a' call gnìomhachas do thaighean-seinnse, agus gu bheil e a' toirt droch ìomhaigh sheann-fhasanta air a' bhaile.
Ach, nì Bòrd Ceadachd na Gàidhealtachd ath-sgrùdadh a-nis air am bu chòir dhan chasg a bhith air a thogail.
Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh