Sgrùdadh mu thaigh-spadaidh san Eilean Sgitheanach

  • Air fhoillseachadh
FeòilTùs an deilbh, PA
Fo-thiotal an deilbh,

Tha an taigh-spadaidh as goireasaiche don Eilean Sgitheanach ann an Inbhir Pheofharain.

Thèid sgrùdadh a dhèanamh feuch a bheil iarrtas airson taigh-spadaidh san Eilean Sgitheanach.

Tha Riaghaltas na h-Alba air £10,000 a thoirt do Cholaiste Àiteachais na h-Alba airson an sgrùdadh a dhèanamh.

Feumaidh croitearan agus tuathanaich san Eilean Sgitheanach an cuid stuic a thoirt air an rathad a dh'Inbhir Pheofharain airson an spadadh - turas trì gu leth uair de thìde - air neo an cur thar an aiseig gu Loch nam Madadh ann an Uibhist a Tuath.

Tha an sgrùdadh a' tomhais an fheum a bhiodh air taigh-spadaidh bheag, air a ruith gu co-obrachail.

Chuir Caidreachas Croitearachd na h-Alba fàilte air an sgrùdadh.

"Tha sinn fìor thoilichte gu bheil an Riaghaltas Albannach gus an obair seo a mhaoineachadh," thuirt iad.

"Tha gach sgrùdadh roimhe air a bhith ag amas air ionad mòr coimearsalta, agus tha e soilleir nach seasadh sin.

"'S e amas an sgrùdaidh seo coimhead ri ionad a bhiodh a' tighinn a' rèir fheumalachdan na sgìre, agus a bhiodh comasach air dèiligeadh ri iarrtas ràitheil," thuirt iad.

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh