Cùis lagh thubaist Thobair Mhoire a' toiseachadh
- Air fhoillseachadh

Thachair an tubaist anns a' Chèitean 2009
Thòisich cùis lagh an aghaidh fear a tha fo chasaid gun do dh'adhbhraich e bàs a charaid ann a tubaist bhàta ann a Tobair Mhoire.
Dh'eug Garry Henaghan nuair a bhuail am bàta anns an robh e a' siubhal air creagan air Eilean an Uaimh aig beul Thobair Mhoire anns a' Chèitean 2009.
Bha Mgr Henaghan còmhla ri Jason Robinson agus neach eile 's iad an dèidh a bhith a' dàibheadh anns na h-uisgeachan timcheall Eilean Mhuile.
Beatha ann an cunnart
Chuala an Àrd Chùirt ann an Glaschu gun robh an triùir a bha sa bhàta a' dèanamh air Tobar Mhoire le Jason Robinson à Cramlington, Northumberland aig an stiùir nuair a chaidh am bàta rib air na creagan anmoch air an oidhche, agus chaidh Mgr Henaghan a thilgeal a-mach às a' bhàta 's thàinig e sìos air na creagan.
Tha Jason Robinson fo chasaid gun do làimhsich e am bàta ann an dòigh mhì-chùramach, agus a' cur a bheatha fhèin agus beatha an dithis eile air bòrd ann an cunnart.
Tha e cuideachd fo chasaid gun robh e bho bhuaidh na dibhe 's gun tug seo buaidh air an dòigh san robh e a' stiùireadh a' bhàta agus tha casaid eile air a chur as a leth, gun robh e a' dol aig astar fada ro luath son na h-aimsir air oidhche na tubaist.
Tha Mgr Robinson a' dol às àicheadh nan casaidean air fad.
Tha a' chùis a' leantainn air beulabh a' bhreitheimh Rita Rae QC.