Eaglais Màthair na Dòrainne
- Air fhoillseachadh

Bha an eaglais làn son cuirm spioradail aig an deireadh-sheachdain.
'S e Eaglais Màthair na Dòrainne ann an Gearraidh na Mònadh tè de na togalaichean as aithnichte anns na h-Eileanan an Iar.
Chaidh a togail anns na 1960'an mar chuimhneachan air daoine às an sgìre a chaill am beatha anns na cogaidhean mòra.
Ach, aithnichte sa tha an eaglais, bha trioblaidean ann cha mhòr bhon tòisich leis a' mhullach, is uisge ag aoidion a-staigh.
'S e sin a tha air cùlaibh iomairt gus airgead a thogail agus mullach na h-eaglaise a chàradh.
Cuirm
Chruinnich muinntir an àite san eaglais aig an deireadh-sheachdain airson cuirm spioradail shònraichte, agus ceangal aig a' chèol le croitearachd, iasgach is cogadh.
'B e an seinneadair, Pòl MacCaluim, a chuir an oidhche air dòigh.
"Bha sinn a' bruidinn air an eaglais agus an staid anns a bheil i, agus cho cudromach sa tha e a cur air dòigh, agus bha mi ag ràdh, gabhaidh cuirm dèanamh, cuirm eadar-dhealaichte".
"Gheibh thu rudan mar seo anns an Roinn Eòrpa - chan faighear uair sam bith ann an Alba - cuirm am broinn eaglaise"
"Dh'obraich e math agus dh'obraich e air sgàth is gun do dh'aontaich a h-uile duine a bha an sàs ann, bha iad toilichte a dhèanamh", thuirt e.
Prìomhachas
Thathas a' coimhead air leasachaidhean taobh a-staigh na h-eaglaise, ach anns a' chiad dol a-mach 's e am mullach a gheibh prìomhachas.
"Nuair a tha i a' sileadh tha tòrr mòr uisge a' tighinn a-staigh", thuirt sagart na parraiste, Maighstir Dòmhnall MacAoidh.
"Thairis air na bliadhnaichean chaidh mòran leasachaidhean fheuchainn agus tha sinn fhathast a' fulang mòran uisge".
"Feumaidh sinn coimhead air a sin agus 's ann airson taic a thoirt dha sin a bu mhotha a thèid an t-airgead", thuirt e.
Barrachd
Chan eil fios le cinnt fhathast dè an t-suim air fad a fhuaireadh bhon chuirm, ach thathas an amharas gum bi barrachd a dhìth fhathast.
Tha dùil gun tèid cuirm eile a chumail, math dh'fhaodte air tìr mòr.
Bha meas agus moit muinntir na sgìre air an eaglais aca follaiseach le cho làn sa bha i son na ciurm aig an deireadh-sheachdain.
Bu chòir mar sin gun soirbhich leis an iomairt aca air a' cheann thall.