Geataichean aig croisean-rèile
- Air fhoillseachadh

'S ann air a' Ghàidhealtachd a tha mòran dhen na croisean-rèile fosgailte ann an Alba
Dhearbh Network Rail gun tèid geataichean beag a stèidheachadh aig a h-uile crois-rèile fhosgailte ann an Alba, ann an oidhirp piseach a thoirt air sàbhailteachd.
Nochd taic làidir dhan iomairt gus bacaidhean a stèidheachadh ri linn tubaist ann an Hàcraig ann an Gallaibh ann an 2009, anns an deach triùir a mharbhadh.
Bhàsaich Aonghas MacAoidh, a bhean Mairead agus a bhràthair-san Dòmhnall nuair a bhuail trèana anns a' chàr aca.
Cho-dhùin Network Rail a dhol air adhart leis an sgeama às dèidh mar a shoirbhich le sgeama-dearbhaidh ann an Siorrachd Adhair.
Bidh a' Chorpaich agus Brùra a-measg nan ciad àitean anns an tèid na geataichean a chuir an sàs.
Dhearbh companaidh na rèile cuideachd gur e bacadh slàn a thèid a stèidheachadh ann an Hàcraig, aig làraich na tubaist marbhtaiche.
Fàilte
Chaidh fàilte a chuir air an naidheachd leis a' BhPA Dàibhidh MacThòmhais a bha gu mòr an sàs ann an iomairt airson geataichean fhaighinn.
"'S e ceum mòr air adhart a tha seo ann an sàbhailteachd rèile agus rathaid", thuirt e.
Tha Network Rail a' cumail a-mach gur ann a tha na croisean-rèile aca a-measg an fheadhainn as sàbhailte anns an Roinn Eòrpa.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh12 An t-Iuchar 2012
