Sgoil ùr an Tairbeirt deiseil
- Air fhoillseachadh

Tha sgoil ùr an Tairbeirt air tè de shia sgoiltean ùra anns na h-Eileanan Siar.
Chaidh crìoch a chur air sgoil ùr an Tairbeirt - an t-siathamh sgoil, agus an tè mu dheireadh, a chaidh a thogail tro Phròiseact nan Sgoiltean Ùra.
Bidh an sgoil a' fosgladh a dorsan aig toiseach na h-ath-bhliadhna-sgoile air an 16mh là den Lùnastal.
Chaidh togalaichean na seann sgoile, a thogadh anns an 70an, a leagail, a thuilleadh air an t-seann òstail.
Bidh a' bhun-sgoil agus an sgoil-àraich a-nis an cois na h-àrd-sgoile.
Tha leabharlann coimhearsnachd cuideachd air a stèidheachadh air làrach na sgoile.
Thuirt Cathraiche Phroìseact nan Sgoiltean Ùra, an Comh. Tormod Dòmhnallach, gur i sgoil ùr na Hearadh an tè a bu dhùbhlanaiche den t-sia a bha an lùib a' phròiseict.
Chaidh na sgoiltean air fad, air an do thòisich obair san Iuchar ann an 2010, a chrìochnachadh a rèir clàr-ama a' phròiseict agus taobh a-staigh a bhuidseit.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh2 An Lùnastal 2012
