Rabhadh mun bhuntàta
- Air fhoillseachadh

Tha dùil gur i seo bliadhna cho dona son a' bhuntàta 's a bh' ann o chionn fhada.
Tha tuathanaich bhuntàta na h-Alba a' toirt rabhaidh gum faodadh an seusan buain a bu mhiosa ann an ùine fhada a bhith aca am bliadhna.
Thuirt iad gur dòcha gum biodh droch shìde an t-Samhraidh a' fàgail gum biodh bàrr a' bhuntàta sìos 50 percent ann an grunn àiteachan san dùthaich.
Cruinnichidh 700 tuathanach agus eòlaiche ann an Dùn Dè Diardaoin son co-labhairt a choimheadas air na leasachaidhean as ùire ann a bhith a' fàs buntàta.
Chan eil teagamh ann nach tog iad air an t-sìde a th' air a bhith againn as t-Samhradh.
Thuirt na tuathannaich gur e seo fear de na seusain a bu dhuilghe a th' air a bhith aca a-riamh.
Tha an t-uisge trom agus cho beag de dheàrrsadh grèine 's a th' air a bhith aca air droch bhuaidh a thoirt air a' bhàrr.
Chan eil na lusan a th' air a bhith ann an achannann làn uisge air a bhith a' fàs gu ceart.
Tha beagan sheachdainean ann mus tòisichear air am bàrr a thogail, ach thathas a toirt rabhaidh nach bi na h-uidhir de bhuntàta 's is àbhaisteach ann am bliadhna.
Tha dùil ri linn sin gum faicear prìsean nas àirde sna bùithtean sa Gheamhradh.