Càite bheil Squeak?
- Air fhoillseachadh

Tha na sealgairean a' tabhainn duais-airgid nan oidhirp an clamhan a lorg.
Tha buidheann de shealgairean faisg air Inbhir Nis a' tabhainn duais-airgid do dhuine sam bith a chuidicheas gus an t-eun creachaidh aca a lorg.
Bha na sealgairean a-muigh air mòintich air Oighreachd Mhucrach Diciadain nuair a dh'fhalbh a' ghaoth leis an clamhan, Squeak.
Thathas a' tuigsinn gun deach Squeak fhaicinn mu dheireadh a' siubhail dhan iar gu ruige Tom Aitinn.
Thuirt am fear leis a bheil i gun tèid h-aithneachadh leis na criosan dearga air a casan agus a h-earball soilleir, dearg.
Thuirt e cuideachd nach eil eagal sam bith air Squeak ro mhac an duine.