Sgrùdadh air rathad an t-Sròim
- Air fhoillseachadh

Bidh mìosan ann fhathast mus tig co-dhùnadh air seach-rathad an t-Sròim.
Dh'aontaich Comhairle na Gàidhealtachd £500,000 a chosg air sgrùdadh a dhèanamh air suidheachadh seach-rathad an t-Sròim.
Ghabh comhairlichean ri moladh gus sgrùdadh agus rannsachadh a dhèanamh air na roghainnean air fad a th' ann son fuasgladh maireannach fhaighinn.
Tha an rathad air a bhith dùite grunn thursan air sgàth mhaoimtean-slèibhe.
Cho math ri coimhead gu mionaideach ris na diofar mholaidhean, bithear a' rannsachadh cuideachd cò às a thigeadh airgead son na pròiseict.
Mairidh an sgrùdadh sia mìosan.
Feumar an uair sin fear de na roghainnean a thaghadh agus am pròiseas-dealbhachaidh a thòiseachadh.
Tha sin a' fàgail nach tòisich an obair fhèin gu 2015 air a' char as tràithe.
Thathas a' tomhais gum faodadh a' phròiseict a chosg eadar £23m is £115m, agus roghainn aca eadar cabhsair a thogail son an rathad a ghiùlain, drochaid thar a' chaolais, no rathad ùr a thogail tron mhòintich.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh16 An Lùnastal 2012

- Air fhoillseachadh26 An t-Ògmhios 2012
