CNES a' lorg Stìuiriche Foghlaim ùir
- Air fhoillseachadh

Chuir a' Bh. Ph. NicFhionghain seachad trì bliadhna san obair.
Tha stiùiriche an Fhoghlaim agus nan Seirbheisean Cloinne anns na h-Eileanan an Iar, Seonag NicFhionghain, a' dol a dh'fhàgail a dreuchd aig deireadh na bliadhna.
Thòisich i san obair ann an 2009 agus san ùine aice aig an stiùir chaidh sia sgoiltean ùra a thogail anns na h-eileanan, aig cosgais £125m.
Chaidh sanas a-mach airson na h-obrach, le tuarastal a' tòiseachadh aig £75,000 sa bhliadhna.
Tha dùil gun tèid stiùiriche ùr a thaghadh às dèidh agallamhan anns an Damhair.
Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh