Co-chomhairleachadh seach-rathaid
- Air fhoillseachadh

Cosgadh Roghainn 6 £27.2m.
Iarraidh daoine a tha a' fuireach ann an Inbhir Nis air comhairlichean gun goireasan spòrs a mhilleadh gus seach-rathad ùr a thogail dhan bhaile.
Tha muinntir Tòrr Bheathain, Bhaile Theàrlaich agus Taobh Nis a' toirt na h-iomairt aca dhan Chomhairle air a' chiad là den Charrette (co-chomairleachadh poblach).
Mairidh an Charrette air na planaichean trì làithean, 's e a' tòiseachadh Diluain, agus Comhairle na Gàidhealtachd a' moladh roghainn a chuireadh drochaid fhosglaidh thar a' chanàil agus drochaid iosail eile thar na h-aibhne.
Thathas air gealltainn leasachadh a dhèanamh air goireasan spòrs eile ma thachras seo, ann an sgìre a' Bhught agus Tòrr Bheathain, ri linn draghan mu na goireasan a thèid a chall.
Chuireadh sin £5m ris a' chosgais.
Tòisichidh an Charrette aig 7:00f Diluain ann an Ionad Crìosdaidh Chùl Daothail.
Tha dùil gun tòisich obair air an t-seach-rathad ann an 2014.