Clann bhàthte gan tiodhlacadh
- Air fhoillseachadh
Bidh seirbheisean tiodhlacaidh ann an t-seachdain seo airson an triùir chloinne a chaochail ann an tubaist le canù faisg air Geàrrloch bho chionn còrr is seachdain.
Chaochail Grace NicAoidh, a bha còig bliadhna de dh'aois cuide ri Eoghainn Peutan a bha còig, agus a bhràthair Jamie a bha dà bhliadhna de dh'aois.
Tha athair nam balach, Eoghainn Peutan, a tha 32, fhathast a dhìth le dùil gun deach a bhàthadh.
Thug an dà theaghlach taing dhan fheadhainn a bha an sàs san obair teasairginn às dèidh na tubaiste.