Càineadh mu sgoil Ghàidhlig a' Ghearasdain
- Air fhoillseachadh

Tha pàrantan ag iarraidh làraich air a' Bhlàr Mhòr.
Tha dithis bhall-pàrlamaid Albannach far na Gàidhealtachd a' càineadh na Comhairle airson mar a tha iad a' làimhseachadh ceist sgoil Ghàidhlig a' Ghearasdain.
Tha Dàibhidh MacThòmais bhon SNP, agus Dàibhidh Stiùbhart aig na Làbaraich a' riochdachadh dhà de na pàrtaidhean a tha a' ruith co-bhanntachd na Comhairle.
Tha iad le chèile ag iarraidh air comhairlichean gabhail air an socair eagal 's gun cuir iad an sgoil dhan àite cheàrr.
Tha Mgr MacThòmais ag ràdh nach gabhadh an sgoil ùr leudachadh anns an àm ri teachd air an làraich a tha ceannardan na Comhairle a' miannachadh ann an Caol a' Ghearasdain.
Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh