Taigh-staile ùr ga thogail ann an Àird nam Murchan
- Air fhoillseachadh

Gheibheadh a' choimhearsnachd sealbh air pàirt den taigh-staile.
Tha obair air tòiseachdainn air an taigh-staile as fhaide an iar air Tìr Mòr na h-Alba.
Thèid a thogail anns a' Ghleann Bheag, ann an sgìre Àird nam Murchan.
Thug Comhairle na Gàidhealtachd cead-dealbhachaidh seachad airson an sgeama, a chuireadh air adhart le Adelphi, na bu tràithe am bliadhna.
Thathas an dòchas gun tòisichear a' tarraing uisge-beatha às ro Nollaig na h-ath-bhliadhna.
Seirbheis Aiseig
Tha cathraiche na companaidh, Keith Falconer, ag ràdh gu bheil iad an dùil pàirt den taigh-staile a thoirt seachad don choimhearsnachd, gun tàl an leasachadh luchd-turais, agus gun toir e togail do dh'eaconamaidh na sgìre.
Tha e cuideachd a' moladh slighe uisge-beatha a stèidheachadh air a' chosta an iar.
"'S e fear de na buannachdan, saoilidh mi, dha na taighean-staile eile, agus gu dearbha dhuinn fhèin, a bhith a' cur seòrsa air choireigin de chomann air bhonn, far an urrainn dhuinn Slighe Uisge-beatha a' Chosta an Iar a chruthachadh," thuirt e.
"Bidh seo na bhuannachd do thaighean-aoigheachd, do chompanaidhean bus ionadail agus taighean-bìdhe.
"Dh'fhaodadh e cuideachd barrachd chuideim a chur ris an iomairt airson an aiseag eadar Cille Chomhghainn agus Tobar Mhoire a ghlèidheadh," thuirt e.