Iomairt son bùth Eilein Dhiùra a cheannach
- Air fhoillseachadh

Chan eil ach aon bhùth san eilean.
Tha muinntir Dhiùra a' tòiseachadh iomairt gus bùth an eilein a ghabhail thairis.
Chan eil ach an aon bhùth san eilean, ann an Taigh na Creige.
Tha sin ga reic an-dràsta, agus tha eagal ann mur a ceannaich duine i, gum feum i dùnadh.
Tha Companaidh Coimhearsnachd Dhiùra a-nis a' dèanamh tagraidh gus a gabhail thairis fo Achd Ath-leasachaidh an Fhearainn.