Comataidh Pàrlamaideach gus tadhal air Steòrnabhagh
- Air fhoillseachadh

'S e a' chiad turas a bhios a' chomataidh air coinneachadh sna h-Eileanan Siar.
Coinnichidh Comataidh Ath-Chuingean Poblach Phàrlamaid na h-Alba ann an Steòrnabhagh anns a' Mhàrt an ath-bhliadhna.
'S e a' chiad turas a thèid obair na comataidh a thoirt dha na h-Eileanan Siar.
Tha e mar phàirt de Là na Pàrlamaid, a tha ag amas air cothrom a thoirt don t-sluagh air feadh na dùthcha obair na Pàrlamaid fhaicinn.
A bharrachd air coinneamh air 13mh am Màrt, bidh iad a' tadhail air sgoiltean agus buidhnean poblach.
Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh