Stòras Uibhist gus cosgaisean cùirte a phàigheadh
- Air fhoillseachadh
Chaidh òrdachadh don uachdaran coimhearsnachd, Stòras Uibhist, na cosgaisean cùirte a phàigheadh sa chùis eadar iad fhèin agus croitear à Snìosabhail.
Cho-dhùin Cùirt an Fhearainn san Damhair gur ann le Murchadh MacCoinnich a bha pìos talamhainn a chaidh a thoirt a-mach à talamh ionaltraidh.
Bha Stòras Uibhist air a bhith ag argamaid nach b'e talamh ionaltraidh a fhuair Mgr MacCoinnich idir, agus gur ann leothasan a bha e.
Chan eil fhios fhathast dè an t-suim a bhios aca ri pàigheadh.
Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh