Pàipearan-naidheachd ionadail a' soirbheachadh
Tha sinn tric a' cluinntinn mu chrìonadh ann an gnìomhachas nam pàipearan-naidheachd, agus mar a tha mòran dhiubh a' dol tro amannan duilich.
Ach tha coltas nach eil cùisean buileach cho dona do phàipearan-naidheachd ionadail.
Tha "Fios" ann an Nis an-dràsta a' sanasachd airson neach-obrach ùr, agus tha "Am Pàipear" ann an Uibhist ga chur air bhog as ùr an t-seachdain seo às deidh dha a bhith air ùrachadh.
Tha Catriona NicIlleathain ag aithris.