Casg air dì-chroitearachd
- Air fhoillseachadh

Chaidh Achd Ath-leasachaidh na Croitearachd a chur don lagh ann an 2010.
Tha casg ga chur air daoine a th' air an croitean a cheannach bho bhith a' toirt talamh a-mach à croitearachd.
Thuirt Coimisean na Croitearachd gun tàinig orra casg a chur an sàs air sgàth draghan mu Achd Ath-leasachaidh na Croitearachd, far a bheil coltas gu bheil am briathrachas a' ciallachadh nach gabh talamh air croit a chaidh a cheannach leis a' chroitear a thoirt a-mach à croitearachd.
Tha an Coimisean ag ràdh gu bheil iad a' gabhail beachd air buaidh na comhairle laghail a fhuair iad, feuch dè ghabhas dèanamh mu dheidhinn.
Cha ghabh iad ri iarrtasan sam bith airson talamh a dhì-chroitearachd bho shealbhadairean-croite gu an ceann ùine.
Morgaids
Thèid iarrtasan ris a bheileas a' dèiligeadh an-dràsta a chumail gun cho-dhùnadh gus am faigh an Coimisean fuasgladh.
Ri linn reachdais na croitearachd, chan fhaigh croitear cothrom air creideas mur a tèid pìos den chroit - mar as trice am pìos air a bheileas airson taigh a thogail - a dhì-chroitearachd gus an gabh luach ionmhais a chur air, mar urras don bhanca.
Tha an NFU air Ghàidhealtachd ag ràdh gun toir seo buaidh mhòr air croitearan.
"'S e duine a rinn mearachd nuair a bha iad a' sgrìobhadh an lagha," thuirt Labhraiche an NFU, Raibeart Dòmhnallach.
"Cha do studaig iad iar na sealbhadairean-croite nuair a bha iad a' cur an lagha ri chèile.
"Tha e a' dol a bhith uabhasach doirbh do dhaoine can airson morgaids fhaighinn airson taigh a thogail air talamh, no a' feuchainn ri crann-gaoithe a thogail air an talamh.
"Chan fhaighear an t-airgead airson a' chrainn sin, oir cha toireadh banca an t-airgead seachad mur a faighear an talamh air a dhì-chroitearachd.
"Feumaidh iad an lagh atharrachadh. Cha chreid mi gu bheil iad a' dol a chumail orra mar a tha e," thuirt e.