Cead don tuath-ghaoithe mhara as motha san t-Saoghal far chosta Ghallaibh
- Air fhoillseachadh
Chuir comhairlichean na Gàidhealtachd an taic ri plana airson an tuath-gaoithe mara as motha san t-Saoghal far chosta Ghallaibh.
Tha dùil gun cosg an sgeama £4.5bn, agus 's e an dòchas gun cruthaich e cumhachd gu leòr do mhillean dachaigh.
Thug Comhairlichean an taic seachad airson a' phròiseict, agus iad ag ràdh gun robh e cudromach gum biodh an luchd-leasachaidh a' bruidhinn ri iasgairean agus an leithid anns an sgìre.
'S ann aig Riaghaltas na h-Alba ge-tà a bhios an co-dhùnadh deireannach.
Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh