Staing HI-Arts
Tha ceist ann mu na tha an-dàn do thè de na prìomh bhuidhnean-ealain air a' Ghàidhealtachd.
Chaidh innse dhan a h-uile duine a tha ag obair dhan bhuidhinn HI-Arts gun caill iad an cosnaidhean, ri linn atharrachaidh air an taic-airgid a tha iad a' faighinn.
Tha deichnear ag obair aig HI-Arts.
Thuirt stiùiriche na buidhne gu bheil e dòchasach gun tèid aca air cumail a' dol ann an dòigh air choireigin.