Stiùiriche a' Ghriod Nàiseanta a' tadhail sna h-Eileanan Siar
- Air fhoillseachadh

Tha iomadh dàil air tighinn air a' phròiseact gus Càbal a' Chuain Sgìth a chur an sàs.
Tadhlaidh fear de stiùirichean a' Ghriod Nàiseanta air na h-Eileanan Siar aig deireadh na mìos.
Cluinnidh Mike Calviou bho Bhuidheann Chumhachd Ath-nuadhachail Innse Gall mu na trioblaidean a th' aig luchd-leasachaidh anns na h-Eileanan a thaobh ceangal càbail dhealain a dheanamh ri Tìr Mòr.
Thèid an cuspair a thogail aig co-labhart an Inbhir Nis Diardaoin cuideachd, le cuideam ga chur air SHE Transmission an càbal a chur an sàs.
Tha dùil gum bi riochdairean bhon Ghriod Nàiseanta agus SSE an làthair.
Tha luchd-leasachaidh is buidhnean coimhearsnachd air iomadach gearain a dhèanamh nach eil iad a' faighinn freagairt shoilleir bho SHET, a tha na phàirt de SSE, air cuin a thèid càbal a chur fon mhuir.
Faighnichidh Buidheann Chumhachd Ath-nuadhachail Innse Gall an gabh toirt air SHET an càbal a chur an sàs gus leigeil le sgeamaichean ath-nuadhachail prìobhaideach agus coimhearsnachd a dhol air adhart.
Tha dùil ri aithisg Dihaoine bho bhuidhinn a chuir Riaghaltas na h-Alba agus Riaghaltas Bhreatainn air chois airson freagairtean fhaighinn air an t-suidheachadh.