Cleasaiche Katy Morag ga taghadh
- Air fhoillseachadh

Tha ceangal aig Cherry ri Leòdhas, far an tèid an sreath a chlàradh.
Chaidh nighean òg à Glaschu a thaghadh airson pàirt Katy Morag a chleas ann an sreath ùr a bhios air CBeebies.
Chuir na ceudan de chaileagan òga a-steach airson a' phàirt a chluich.
Tha an nighean a fhuair a' phàirt, air a bheil Cherry, seachd bliadhna de dh'aois, agus tha ceangal aice ri Leòdhas.
Chuir cho coltach 's a tha i ri Katy Morag mar a nochd i anns na leabhraichean le Mairi Hedderwick, iongnadh mòr air an sgioba fastaidh.
Chaidh agallamhan a chumail airson na pàirt ann an Glaschu, Dùn Èideann agus Steòrnabhagh.
"Bha mi dìreach air mo dhòigh nuair a chuala mi gun robh mi air a' phàirt fhaighinn, 's cha b'urrainn dhomh sguir a' leum mun cuairt," thirt Cherry.
"Tha mi air na leabhraichean air fad a leughadh, agus 's toil leam iad gu mòr mòr.
"Tha mi air a bhith a' tighinn a Leòdhas air mo shaor-làithean o chionn bhliadhnaichean, 's tha fadachd orm tòiseachadh air fiolmadh!" thuirt i.
Tòisichidh am fiolmadh deireadh a' Ghiblein ann an Leòdhas, agus bidh e a' dol chun an Lùnastail.