Roghainn 6 gun ath-sgrùdadh
Cha tèid ath-sgrùdadh a dhèanamh air na roghainnean airson Ceangal-rathaid an Iar Inbhir Nis.
Bha còignear de chomhairlichean a' bhaile air gluasad a chur air adhart ag iarraidh ath-sgrùdaidh agus connnspaid ann mun t-slighe a chaidh a thaghadh.
Ach a dh'aindeoin taic bho luchd-iomairt, a bha a' togail fianais taobh a-muigh na talla, cha deach leotha.
Bhòt a' chuid as motha de bhuill an ùghdarrais leantainn orra leis na planaichean.
Bha Eileen NicDhòmhnaill an làthair aig a' Chomhairle.