Dragh air bùithean beaga
Tha dragh air bùithean beaga coimhearsnachd ann an Leòdhas mun bhuaidh a dh'fhaodadh seirbheis ùr aig Tesco ann an Steòrnabhagh toirt orra.
Bithear a' tòiseachadh seirbheis ùr - far am faod daoine an stuth a tha iad ag iarraidh òrdachadh air an eadar-lìon - agus thèid a thoirt chun dachaigh aca.
Tha sin air iomagain a chur air gnìomhachasan beaga.