Maill air obair-càraidh Drochaid Cheasaig
- Air fhoillseachadh

Bidh taobh eile na dùthcha dùinte fad ceithir mìosan an ath-bhliadhna.
Tha dùil gum bi gach taobh air tè de na drochaidean as motha air a' Ghàidhealtachd fosgailte aig deireadh na mìos.
Thàinig dàil trì seachdainnean air an obair-càraidh air drochaid Cheasaig.
Bidh 30,000 càr a' dol tarsainn na drochaid gach là.
An-uiridh, dh'innis Còmhdhail na h-Alba gum feumadh iad obair-càraidh fìor-riatanach a dhèanamh air structair na drochaide, air chosgais £13m.
Thòisich an obair-càraidh sa Ghearran.
Chaidh innse gum biodh an rathad gu tuath dùinte fad 17 seachdainnean, ach cha deach fhosgladh fhathast.
Thuirt labhraiche do Bear Scotland gun do chuir an t-sìde fhliuch aig toiseach na bliadhna maill air chùisean.
Thuirt e cuideachd gun robh e an dòchas nach biodh maill air gnothaichean an ath-bhliadhna, nuair a bhios taobh eile na drochaide, an rathad gu deas, dùinte fad ceithir mìosan.