Taic do dh'iarrtas Chomhairlean
- Air fhoillseachadh

Dh'iarradh comhairlean eileanach tuilleadh chumhachdan bho Dhùn Èideann, no Lunnainn.
Tha BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan, ag ràdh gu bheil Riaghaltas na h-Alba ag aontachadh ri cuid mhath de dh'iarrtasan nan Comhairlean Eileanach airson tuilleadh chumhachdan.
Chuir Comhairlean nan Eilean Siar, Arcaibh 's Sealtainn iarrtasan cumhachd air adhart, le rudan a dh'iarradh iad bho Lunnainn no Dùn Èideann ge b' e dè thachras san referendum air neo-eisimeileachd.
Thuirt Mghr Allan gu bheil iad gu math faisg air an Riaghaltas air rudan mar smachd fhaighinn air grunnd na mara, a tha an-dràsta an urra ri Oighreachd a' Chrùin.
Thuirt Ruairidh Moireach, a tha a' bruidhinn as leth na h-iomairt "Nas Fheàrr Còmhla" ge-tà, gur ann a tha Riaghaltas na h-Alba air cumhachd a thoirt air falbh bho sgìrean iomallach.
Aig a' cheart àm, tha fear de bhuill Nàiseantach na Gàidhealtachd ag ràdh gum faodadh ùidh dhaoine ann an deamocrasaidh san sgìre a bhith air a neartachadh nan deadh Comhairle na Gàidhealtachd a bhriseadh an-àirde.
Bha Ball Ghallaibh, Chataibh 's Rois, Rob Gibson, a' bruidhinn às dèidh do Chomataidh Pàrlamaid dragh a thogail mu cho ìosail 's a tha an àireamh de dhaoine a tha a' bhòtadh ann an taghaidhean comhairle.
Thuirt e gum biodh barrachd ùidh aig daoine nan robh ùghdarrasan ionadail nas lugha, le barrachd chumhachd air cìsean agus cosgais.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh17 An t-Ògmhios 2013
