Piper Alpha
Air deireadh na seachdain, bhathas a' comharrachadh 25 bliadhna bho spreadh clàr-ola a' Phiper Alpha, anns a' Chuan a Tuath.
Chaill 167 duine am beatha ann an tubaist a dh'atharraich an gnìomhachas.
Dh'fhàs riaghailtean sàbhailteachd nas teanna.
Ach tha dragh air cuid gun tèid na dh'ionnsaicheadh aig an àm a dhìochuimhneachadh an ceann ùine.
Chaidh Iain MacAonghais a dh'Obar Dheathain air thoiseach air a' cheann-bhliadhna.