Dragh mu aiseagan Uibhist
- Air fhoillseachadh

Luchd-siubhail a' gearain nach eil àite air liosta-feitheimh an còmhnaidh ga thairgsinn dhaibh nuair a tha an t-aiseag làn
Tha feadhainn ann an Uibhist a' gearain nach eil luchd-siubhail an còmhnaidh a' faighinn cothrom air liosta-feitheimh an aiseig, nuair a tha seirbheisean Chaledonian Mhic a' Bhruthainn làn ro làimhe.
Bha Michealina Nic Ill Fhaolain ag iarraidh siubhail eadar an t-Òban agus Barraigh an t-seachdainn sa chaidh ach chaidh ìnnse dhith nach robh àite air an aiseag airson carbad.
Thuirt i nach deach àite a thairgse dhith air liosta-feitheimh an aiseig.
Nuair a chaidh i air an aiseag, às aonais a' chàr aice, mhothaich i gun robh àite oirre airson tuilleadh chàraichean.
Aiseagan làn
Thuirt Cal Mac gun robh grunn dhaoine a bh' air àitean a chuir air dòigh air innse dhaibh goirid mus do sheòl an t-aiseag nach b' urrainn dhaibh siubhail.
Thuirt iad cuideachd gun robh e a' cur iongnadh orra nach deach àite air liosta-feitheimh a thairgse.
Thuirt an Comh. Raghnall MacFhionghain gun robh cho làn 's a bha na h-aiseagan bho chionn ghoirid a' dearbhadh gu bheil feum air seòlaidhean a bharrachd eadar Uibhist agus Tìr Mòr - agus gur e seirbheis eadar Malaig agus Loch Baghasdail a tha dhìth.
Thuirt e gur e suidheachadh àraid dha-rìribh a th' ann nuair a tha barrachd sheòlaidhean gu bhith aca tro mhìosan a' gheamhraidh na bhios as t-samhradh.