Co-chomhairleachadh Aiseig a' Chorrain
Fhuair Comhairle na Gàidhealtachd còrr is 80 freagairt ann an co-chomhairleachadh a thaobh faraidhean air Aiseag a' Chorrain.
Fon t-siostam ùr, dh'fhaodadh daoine a bhios a' cleachdadh na seirbheis gu cunbhalach ticead fhaighinn a bheireadh cothrom dhaibh an aiseag a chleachdadh cho tric 's a dh'iarradh iad.
Chosgadh an ticead sin £40.
Ach mar a tha Andreas Wollf ag aithris tha gu leòr mì-thoilichte leis na molaidhean.