Plana nan gloinneachadh plastaig ga leigeil seachad
- Air fhoillseachadh
Chaidh cur às de phlana a bhiodh a' ciallachadh gun deadh gloinneachan plastaig a chleachdadh anns a h-uile taigh-seinnse air a' Ghàidhealtachd.
Feumaidh clubaichean a tha fosgailte anmoch gloinneachan plastaig a chleachdadh às dèidh 9:00f.
Bha Bòrd Ceadachd na Gàidhealtachd a' beachdachadh air an sgeama a leudachadh gu taighean-seinnse, ach bhòt iad an aghaidh a' mholaidh.
Ach, fo mholadh eile, bidh aig cuid de dh'àiteachan ri deoch a reic ann an gloinneachan plastaig ma tha e air a mheas cudromach airson sàbhailteachd.
Chuir dithis aig a bheil taighean-seinnse an Inbhir Nis an aghaidh plana nan gloinneachan plastaig is iad ag ràdh gur e droch bheachd a bhiodh aig daoine air an sgìre mur a biodh gloinneachan ceart ceadaichte.