Croitean Coille
Tha iomairtean a' dol ann an sgirean air feadh na Gàidhealtachd airson croitean ùra a chruthachadh air fearann coille.
Tha an fheadhainn a th' air cùl nan iomairtean an dòchas gum faigh coimhearsnachdan iomadach buannachd às na croitean coille, agus gun toir iad cothrom do dhaoine dachaigh agus beò-shlàint a dhèanamh ann an sgìrean dùthchail.
Ach, de a th' ann an croit-choille?
Anns an aithris mu dheireadh san t-sreath aige air croitearachd, tha Teàrlach Quinnell air a bhith a' rannsachadh na cùise.