Iomairt-teasairginn sa Chuilthionn
- Air fhoillseachadh
Tha iomairt-teasairginn a' dol air adhart anns a' Chuilthionn san Eilean Sgitheanach airson fireannach a bha a' coiseachd ann.
Chuir teaghlach an duine fios air an seirbheisean èiginn mu 10:00f Dimàirt, nuair nach do nochd e aig an àm a bha dùil ris.
Chuir ceò sa mhonadh maill air an iomairt.
Tha na Poilis, Sgioba Teasairginn an Eilein Sgitheanaich agus heileacoptair Mhaor-Cladaich Steòrnabhaigh an sàs anns an iomairt.