Fiolm mu fhear-siridh na h-Àirce
- Air fhoillseachadh

Derick MacCoinnich faisg air Beinn Ararat.
Tha fireannach air feuchainn ri lorgan a bhràthair a leantainn mus deach e air chall 's e a' coimhead airson Àirce Noah.
Chaidh fios a chur gun robh Dòmhnall MacCoinnich, 47, à Leòdhas a dhìth air 14mh den Damhair 2010.
Cha do thill e bho thuras gu Beinn Ararat anns an Tuirc.
Thèid an oidhirp aig Derick MacCoinnich gus faighinn a-mach dè dh'èirich dha a bhràthair a shealltainn ann am prògram air BBC ALBA Oidhche Ardaoin.
Tha Mgr MacCoinnich den bheachd gun deach a mharbhadh le ceannaircich, gun tug gadaiche ionnsaigh air no gun robh tubaist aige anns na beanntan.
Ghabh Dòmhnall ùidh ann a bhith a' lorg Àirce Noah is e tràth anns na 40an.
Tha am Bìoball ag ràdh gu bheil an Àirce ann am beanntan Ararat.
Tha Mgr MacCoinnich an dòchas gun toir am prògram air daoine a thighinn air adhart le fiosrachadh agus gum faic ùghdarrasan na Tuirce e.
Thèid am prògram - My Brother the Ark Raider - a shealltainn air BBC Alba aig 9:00f Oidhche Ardaoin.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh2 An Dàmhair 2013
