Corp a' Chuilthinn air ainmeachadh
- Air fhoillseachadh

Bha John Hamer cleachdte ri bhith a' coiseachd nam beann ann an iomadh dùthaich.
Chaidh fireannach a fhuair bàs 's e a' coiseachd sa Chuilthionn anns an Eilean Sgitheanach, ainmeachadh.
B' e John Hamer, a bha 66, 's a bhuinneadh do Chumbria, agus a bha cleachdte ri bhith a' coiseachd nam beann.
Thathas a' tuigsinn gun do thuit e far stalla às dèidh mar a chaidh a sgaradh bhon bhuidhinn leis an robh e air a' chuairt air a' mhìos a chaidh.
'S ann an Coire Ghrunnda, ann an sgìre Ghlinn Bhreatail, a bha e a' coiseachd.
Chaidh a chorp a lorg às dèidh iomairt-theasairginn san robh grunn sgiobannan an sàs.
Thug a bhean, Betty, taing don luchd-teasairginn.
"Tha na sgiobannan teasairginn air a bhith air leth taiceil, agus chum iad fios rium fad an dà là a bha iad a-muigh," thuirt i.
"'S e daoine saor-thoileach a th' annta air fad, 's cha do shaoil iad dad de bhith a' fàgail an àiteachan-obrach 's mòran uairean de thìde a chur seachad sa bheinn gu dìcheallach agus gun sgìths."
Bha Mgr Hamer, a leig dheth a dhreuchd mar oifigear dealbhachaidh le Comhairle Chathair Luail o chionn seachd bliadhna, air a h-uile tè de na beanntan as àirde ann an Sasainn, Alba agus a' Cuimrigh a dhìreadh.
Bha e cuideachd air coiseachd agus sreap sna h-Alpaichean, sna Himalayas, agus ann am Beanntan Atlas ann an ceann a tuath Afraga còmhla ri a bhean, agus am mac Pòl.